Alba aig Euro 2024: Beachd an luchd-taice (2024)

Alba aig Euro 2024: Beachd an luchd-taice (1)Tùs an deilbh, BBC Spòrs

  • Air fhoillseachadh

Tha na mìltean mòra de luchd-taice na h-Alba air an slighe chun na Gearmailt a thòiseachadh.

Chì cuid dhiubh a' chiad gheama aig Alba an aghaidh na Gearmailt - geama a dh'fhosglas Euro 2024.

Chì cuid eile fear den dà gheama eile aig Alba an aghaidh na h-Eilbheis agus na -Ungaire.

Agus do chuid eile, tha iad a' dol ann gun tiocaid sam bith ach le dòchas pàrtaidh a bhith aca leis a' chòrr den Arm Tartain.

Traidisean Teaghlaich Seona

Tùs an deilbh, BBC Spòrs

B' e an geama aig Alba an aghaidh Brazil aig Cupa na Cruinne 1998 fear de na cuimhnichean às fheàrr aig Seona McClintock o bhith a' leantainn Alba thall-thairis thar nam bliadhnaichean.

Thog na pàrantan aice dealbh aig a' gheama sin agus tha iad an dòchas fear coltach ris a thogail oidhche Haoine.

"Tha faireachdain sònraichte againn gu bheil sinn aig geama fosglaidh a-rithist," thuirt Seona.

"Tha mi air an t-seann lèine bhuidhe a lorg, bheir mi leam na facepaints agam agus chì sinn an dealbh sin fichead 's a sia bliadhna às dèidh làimh a-rithist.

Seona - Dè bhiodh ann an soirbheachas do dh'Alba sa Ghearmailt?

Rosie bheag sa bhana-campachaidh

Tùs an deilbh, BBC Spòrs

Bha adhbhar sònraichte air cùil beachd Alastair Dunlop (agus a bhean Màiri) bhana-campachaidh a cheannach airson siubhal chun na Gearmailt.

Tha tiocaidean aig Alastair airson nan trì geamaichean a th' aig Alba aig an ìre seo agus bha e an dùil a dhol ann leis fhèin co-dhiu... gus an do chuir e a' cheist air Màiri "Carson nach tig thu leam?"

Bha Màiri toilichte a dhol ann ach bha trioblaid aca - cha bhiodh e comasach dhi Rosie, an coilidh aca, fhàgail.

Mar sin chaidh Màiri air ais dhachaigh a dh'Uibhist airson greis agus thàinig Alastair an-àirde le plana...

Cheannaich Alastair am bhana-campachaidh dhan triùir aca airson siubhal timcheall air a' Ghearmailt airson co-dhiù cola-deug.

Gun mòran eòlais sam bith mu a bhith a' campachadh, dh'fhàg iad Pàirce Hampden madainn Dimàirt gus dèanamh air Hull.

Feumaidh gu bheil Rosie air deagh-fhortan a thoirt dhaibh mar thà - ghlac iad an aiseag ann an Hull airson faighinn gu Rotterdam le dìreach deich mionaidean ri dhol.

Tùs an deilbh, BBC Spòrs

Bhana-campachaidh eile làn Ghàidheal a' dol timcheall na Gearmailt

Tùs an deilbh, BBC Spòrs

Ged nach eil iad a' fàgail Beinn nam Fadhla ann am bhana-campachaidh, bidh fear a' feitheamh air Ailean MacEanraig agus a dhithis mhac Dòmhnall agus Ailig ann an Düsseldorf.

Abair gu bheil na balaich a' coimhead air adhart ris an treasamh geama aig Alba an aghaidh na h-Ungaire fhaicinn.

"Chan eil planaichean againn às dèidh a' gheama an aghaidh na h-Ungaire," thuirt AIlean.

"Chan eil fios aig duine sam bith dè thachras agus ma bhios Alba fhathast beò san fharpais ach bidh sinn toilichte gu leòr siubhal timcheall air a' Ghearmailt airson cola-deug mura h-eil!"

"Tha cuimhne 'am glè mhath air Euro '92 - o chionn 's gum b' e sin a' chiad turas aig Alba san fharpais sin agus bha seòrsa de "excitement" air feadh na dùthcha seo aig an àm sin agus tha e gu math coltach ri dè tha a' tachairt a-nis," thuirt Ailean.

Teaghlach MhicEanraig - Cò bhios cudromach do dh'Alba?

Ailig - Cò ghabhas na tadhail do dh'Alba an aghaidh na h-Ungaire?

"Aon turas nad bheatha"

Cha bhiodh mòran luchd-taice na h-Alba làn dòchais gum biodh sgioba Steve Clarke an sàs ann an dà Fharpais Euro ann an sreath nuair a thuit iad a-mach às an tè mu dheireadh.

Ach tha Benji Bell air a dhòigh agus tha e a' gabhail a' chothroim siubhal dhan Ghearmailt dìreach airson a bhith mar phàirt den Arm Thartain.

"Le sgioba coltach ri Alba, chan eil fios agad ma tha thu a' dol a dh'fhaighinn gu farpais eile agus 's dòcha gur e seo 'aon turas nad bheatha'," thuirt Benji.

"Ach leis an sgioba a tha seo fo stiùir Steve Clarke, tha mi a' smaointinn gum faigh iad gu co-fharpaisean eile."

Tùs an deilbh, BBC Spòrs

Feumaidh gun robh Benji agus na caraidean aige misneachail gu leòr mu Alba a bhith a' faighinn àite aig Euro 2024 - chuir iad siubhal agus taighean-òsta air dòigh san t-Sultain an-uiridh mus robh dearbhadh ann.

Ach tha earbsa gu leòr aige do dh'àrd-choidse na h-Alba, Steve Clarke.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' gairm chluicheadairean nach eil tric a' cluich do dh'Alba - tha e air tòrr ùine agus chothroman a thoirt do chluicheadairean coltach ri Lyndon Dykes agus Scott McTominay agus cluicheadairean òga coltach ri Billy Gilmour," thuirt Benji.

"Tha stoidhle Steve Clarke ag obrachadh dhuinn - dòigh-chluiche dìonadach ach comasach fhaighinn suas a' phàirce ann an dòigh èifeachdaich aig an àm cheart."

Alba aig Euro 2024: Beachd an luchd-taice (2024)
Top Articles
Latest Posts
Article information

Author: Frankie Dare

Last Updated:

Views: 6194

Rating: 4.2 / 5 (53 voted)

Reviews: 92% of readers found this page helpful

Author information

Name: Frankie Dare

Birthday: 2000-01-27

Address: Suite 313 45115 Caridad Freeway, Port Barabaraville, MS 66713

Phone: +3769542039359

Job: Sales Manager

Hobby: Baton twirling, Stand-up comedy, Leather crafting, Rugby, tabletop games, Jigsaw puzzles, Air sports

Introduction: My name is Frankie Dare, I am a funny, beautiful, proud, fair, pleasant, cheerful, enthusiastic person who loves writing and wants to share my knowledge and understanding with you.